Skip to content

Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig

Popularity · Low

YouTube

Searching YouTube...

Lyrics

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig Bheireadh iad suas na h-iomainean. Bheireadh iad crodh dhe na buailtean 'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh. 'S olc a fhuair sinn crodh nam baran, Bodaich bheag' nam briogais gheala Cha b' iad a b' urrainn air an fhalachd, Ach fir Strath-Eireann 's Strath-Narrainn. 'S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach, Is Clann-Chatain air an tòrachd, Baran liath na coise breòite 'S air mo dhaoine-s' rinn iad feòlach. 'S a Chrò-chlach am Braigh Srath-Eireann, Oidhche dhorch' air nach bu léir dhaibh, 'Cur nan saighdean ait a chéile, Thuit mo leannan 's deich fir threuna. Nuair a shaoil leam bhi gu uasal Am bhean-taighe Achaluachrach S ann a tha mi gu bochd, suarach Bleoghann a chruidh feadh a bhuachair."