Skip to content
Lyric
Dive
Public playlists
My playlists
Search
Sign in
Tha Fadachd orm Fhìn
Dàimh
Popularity · Low
+
Original
0
0
YouTube
Searching YouTube...
Lyrics
Original
Translation
Bilingual
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Fadachd air muin fadachd orm
's a Rìgh, gur fhad on uair sin
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Chuir iad chun na h-àirigh mi
Nuair thug mo ghràdh an cuan dhith
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Chuir iad mi nam ònar
Gu mòinteach na luachrach
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S diombach mi gad mhàthair
A leig gu sàl cho luath thu
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S coltach cùl mo leannain-sa
Ri Ailig Dhòmhnaill 'Ic Ruairidh
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S coltach cùl mo ghràidh-sa
Ri faoileag bhàn nan cuantan
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Nuair thig do litir dhachaigh
Bidh do bheannachd air a h-uachdar
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Beannachd gu do mhàthair
's a dhà chon na gruagaich
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Chunnaic mi dol seachad thu
Is deise thartain uain' ort
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
Tha 'n t-uisge nochd air Ròineabhal
's tha 'ceò air Beinn a Chuailein
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S fhada leam gun tàrr mi
Mo dhà làimh mun cuairt ort
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S fhada leam gun tig thu
Leis a' phige air do ghualainn
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì
's mi ri dol a ghluasad
Tha fadachd orm fhìn a rì