Skip to content
Lyric
Dive
Public playlists
My playlists
Search
Sign in
Turas Dhòmhsa Chun na Gallachd
Dàimh
Popularity · Low
+
Original
0
0
Listen
YouTube
1
2
3
0:00 / 0:00
Loading YouTube player...
Lyrics offset
Synced
Lyrics
Original
Translation
Bilingual
Turas dhòmhsa chun na Galldachd
Bha mi call 's cha robh mi buinnig
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
'S ann a dh' fhaighneachd dhiom mo bhràthair
Cà na dh' fhàg thu 'n fhichead guinea
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Innsidh mi sin dhut an-dràsta
Cà na dh' fhàg mi h-uile sgillinn
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Thug mi guinea air a bhàta
Thug mi sàbhailt' à Caol Mhuile
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Guinea eile 'n Dotair Stiùbhart
Air eagal mo chliù a mhilleadh
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Thug mi tacan falbh na sràidean
Le tè bhàn na gruaige duinne
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Cheannaich mi dhith gùn dhan t-sìoda
'S na phrìneachan bha ga chumail
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Cheannaich mi dhith brògan àrda
Gus a' sàilean chumail tioram
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Cheannaich mi each 's cha b' e dhiù e
Dh' aindeoin trùp a bh' aig Righ Uilleam
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
(Hi liu hò ill ò) Thug mi còrr 's dà ghuinea dheug air
(Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag)'S cha b'e fhiach e ach an tuilleadh
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
(Hi liu hò ill ò) Bha e còrr is leth-cheud bliadhna
(Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag) 'S chumadh e ri fiadh a' mhonaidh
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
(Hi liu hò ill ò) Cheannaich mi srian agus dìollaid
(Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag) A bha crìonadh ann an uinneig
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
(Hi liu hò ill ò) Cheannaich mi sin 's spuirean 's brògan
(Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag)
'S cha robh gròt aig Dòmhnall tuilleadh
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò
Hògaibh ò mo ghaol a' chruinneag
Hi liu hò ill ò