Skip to content
Lyric
Dive
Public playlists
My playlists
Search
Sign in
Càite a Bheil I
Roehind
Popularity · Low
+
Original
0
0
YouTube
Searching YouTube...
Lyrics
Original
Translation
Bilingual
O hiù is hiùraibh èile
O hiù is hiùraibh èile
Hiùrabh o 's na hò rò èile
Mo chruinneag dhonn, gura trom ad dhèidh mi
O hiù is hiùraibh èile
O hiù is hiùraibh èile
Hiùrabh o 's na hò rò èile
Mo chruinneag dhonn, gura trom ad dhèidh mi
Càite a bheil i ann an Muile?
Cruinneag bhòidheach as gile muineal
Ribhinn àlainn a' bhroillich shoilleir
'S bu deacair dhòmhsa cur air a bonnaibh
O hiù is hiùraibh èile
O hiù is hiùraibh èile
Hiùrabh o 's na hò rò èile
Mo chruinneag dhonn, gura trom ad dhèidh mi
Càite a bheil i ann an Albainn?
Cruinneag cruinn donn as gile calpa
Slios mar fhaoilinn air aodann fairge
'S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh
O hiù is hiùraibh èile
O hiù is hiùraibh èile
Hiùrabh o 's na hò rò èile
Mo chruinneag dhonn, gura trom ad dhèidh mi
Nuair a thèid mi chun na fèille
Bidh mo shùil air a' chruinneig ghlè-ghil
Is binne Gàidhlig 's as deise Beurla
'S bidh sàiltean àrd' air a brògan eutrom
O hiù is hiùraibh èile
O hiù is hiùraibh èile
Hiùrabh o 's na hò rò èile
Mo chruinneag dhonn, gura trom ad dhèidh mi
Tha do shùilean mar na smeuran
No mar dhearcagan donn an t-slèibhe
Dubh is donn ann am-measg a chèile
'S gu bheil ceann dubh air mo chruinneig ghlè-ghil