Chi Mi Na Morbheanna (Cape Breton, Canada)
Popularity · Low
Listen
YouTube
0:00 / 0:00
Loading YouTube player...
Lyrics offset
Synced
Lyrics
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
Chì mi gun dàil an t-àite san d'rugadh mi
Cuirear orm fàilte sa chànain a thuigeas mi
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair a ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
Chì mi na coilltean, chì mi na doireachan
Chì mi ann màghan bàna is toraiche
Chì mi na féidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de cheò
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean
Sluagh ann an còmhnuidh is còire cleachdainnean
'S aotrom mo cheum a' leum g'am faicinn
Is fanaidh mi tacan le deòin
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
O chì, chì mi na mòr-bheanna
O chì, chì mi na còrr-bheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò
Chì mi na sgoran fo cheò
(Chì mi na sgoran fo cheò)