Skip to content

An Eala Bhàn

Éamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, Julie Fowlis & Ross Martin
Popularity · Low

YouTube

Searching YouTube...

Lyrics

Gur duilich leam mar tha mi 'S mo chridhe 'n sas aig bron Bhon an uair a dh'fhag mi Beanntan ard a' cheo Gleanntannan a'mhanrain Nan loch, nam bagh 's nan srom 'S an eala bhan tha tamh ann Gach la air 'm bheil mi 'n toir. A Mhagaidh na bi tursach A ruin, ged gheibhinn bas Co am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu brath? Chan eil sinn uile ach air chuairt Mar dhithein buaile fas Bheir siantannan na blianna sios 'S nach tog a' ghrian an aird. Air m' uilinn anns na truinnsichean Tha m' inntinn ort, a ghraidh; Nam chadal bidh mi a' bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slan; Tha m' aigne air a lionadh Le cianalas cho lan 'S a'ghruag a dh'fhas cho ruadh orm A nis air thuar bhith ban Oidhche mhath leat fhein, a ruin Nad leabaidh chubhraidh bhlath; Cadal samhach air a chul Do dhusgadh sunndach slan Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar 'S nam chluasan fuaim bhais Gun duil ri faighinn as le buaidh Tha 'n cuan cho buan ri shnamh.