Skip to content
Lyric
Dive
Public playlists
My playlists
Search
Sign in
Horo Mo Nighean Donn Bhòidheach nan Gormshuil Meallach (A Love Song)
Mary Jane Lamond
Popularity · Low
+
Original
0
0
Listen
YouTube
1
2
3
0:00 / 0:00
Loading YouTube player...
Lyrics offset
Synced
Lyrics
Original
Translation
Bilingual
A-raoir a rinn mi 'm bruadal
Dh'fhàg mo chadal luaineach
'S mur dèan mi do bhuannachd
'S truagh nach robh mi 's an talamh
Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
D' aghaidh thana nàrach
Gu sealltainn an sgàthan
Ceud 's a thug mi m' ghràdh dhut
A dh'fhàg mi air m' aineol
Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
Tha do chliù 's do bheusan
Co mire ri chéile
'S binne na na teudan
An téis a thig fo d' anail
Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
'S math thig an t-òmar
Am broilleach na h-oighidh
Stocainn shìod' is brògan
Bucaill òir 'gan ceangal
Ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach (O mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
Ach ma chuir thu cùl rium
'S coma leam co-dhiubh thu
Mo shoraidh 'gad ionnsaidh
Tha mi 'n dùrachd mhath dhut
Ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach (O mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach) (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
Ah ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)